"Buidheann Mo Chridhe Clann Ualraig" lyrics - MARY CHAPIN CARPENTER

MARY CHAPIN CARPENTER
"Buidheann Mo Chridhe Clann Ualraig"

'S olc a fhuair sinn crodh nam baran
Bodaich bheag' nam briogais gheala
Cha b' iad a b' urrainn air an fhalachd
Ach fir Strath-Eireann 's Strath-Narrainn

Buidheann mo chridhe Clann-Ualraig
Bheireadh iad suas na h-iomainean
Bheireadh iad crodh dhe na buailtean
'S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh

'S olc a fhuair sinn crodh nan Rosach
Is Clann-Chatain air an torachd
Baran liath na coise breoite
'S air mo dhaoine-s' rinn iad feolach

Buidheann mo chridhe Clann-Ualraig
Bheireadh iad suas na h-iomainean
Bheireadh iad crodh dhe na buailtean
'S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh

'S a Chro-chlach am Braigh Strath-Eireann
Oidhche dhorch' air nach bu leir dhaibh
'Cur nan saighdean ait a cheile
Thuit mo leannan 's deich fir threuna

Nuair a shaoil leam 'bhi gu uasal
Am bhean-taighe Achaluachrach
'S ann a tha mi gu bochd, suarach
'Bleoghann a chruidh 'feadh a bhuachair

Buidheann mo chridhe Clann-Ualraig
Bheireadh iad suas na h-iomainean
Bheireadh iad crodh dhe na buailtean
'S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh
Buidheann mo chridhe Clann-Ualraig
Bheireadh iad suas na h-iomainean
Bheireadh iad crodh dhe na buailtean
'S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh